| Chapter 3 |
1 | Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. |
2 | Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn `na aghaidh. |
3 | Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon. |
4 | Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan `nan tosd. |
5 | `S ag amharc orra mun cuairt le feirg `s le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha. |
6 | `S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha. |
7 | Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile `s bho Iudea, |
8 | Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, `S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, `s iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. |
9 | Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. |
10 | Oir leighis e moran, air chor `s gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad `sa bha easlainteach. |
11 | `S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh: |
12 | Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. |
13 | `Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b` aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. |
14 | Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. |
15 | Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach. |
16 | Agus thug e Peadar mar ainm air Simon: |
17 | Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: |
18 | Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, |
19 | Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e. |
20 | Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor `s nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. |
21 | S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. |
22 | Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, `s gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. |
23 | `S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? |
24 | Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. |
26 | Agus ma bhios tigh air a roinn `na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. |
26 | `S ma tha Satan air eirigh `na aghaidh fhein, tha e roinnte, `s chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. |
27 | Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. |
28 | Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: |
29 | Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. |
30 | Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige. |
31 | Is thainig a mhathair `sa bhraithrean; `s nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. |
32 | Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair `s do bhraithrean a muigh gad iarraidh. |
33 | Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? |
34 | `S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha `nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. |
35 | Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. |